• Taighean tughaidh na Geàrrannan
Gàidhlig

(A page for Gaelic speakers…)

‘Se prìomh-amas na ‘Gaelic Guides’ a bhith a’ tabhann tùrsan ìnntinneach agus tlachdmhor dha luchd-turais a tha a’ tadhal air a’ Ghàidhealtachd. Le sin, ‘s ann ‘sa Bheurla a tha a mhòr-chuid den làrach-lìnn seo – oir ‘s ann tron a Bheurla a tha sinn a’ sùileachadh a thig a mhòr-chuid de na luchd-turais sin thugainn. Anns an là a th’ann, tha sinn gu làidir dhan bheachd gum bheil iarrtas ann airson a leithid – is beàrn dha rìreabh anns na tha air a thabhann dhan luchd-turais mun Ghàidhlig.

Ged tha, tha sinn cheart cho comasach air na tursan a tha a seo a’ lìbhrigeadh tron Ghàidhlig, neo nithean eile a chuir air dòigh a fhreagradh air buidheann de luchd-labhairt na Gàidhlig, neo air feadhainn a tha ag ionnsachadh a’ chànain. Mathaid gum bheil clann agaibh a’ leantainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig; neo gum bheil sibh fhèin ag ionnsachadh Gàidhlig? Mathaid gum bheil ‘cearcall còmhraidh’ agaibh, is gum bitheadh ùidh agaibh là a chuir seachad le na ‘Gaelic Guides’?

Ma tha, ligeibh fios, neo mar a tha sinn a’ radha tric tron làrach-lìnn – ma tha ceistean eile agaibh, chan eil agaibh ach faighneachd, is gheibh sibh freagairt gu math sgiobalta.